Wednesday 27 February 2008

Leth-cheud rèisean

Bha mi a’ coimhead tro na seann faidhlichean agam a bha mi a’ cumail mu na rèisean a rinn mi bhon a bha mi dà bhliadha dheug a dh’aois agus bidh an ath rèis agam, am marathon anns an Roimh an 50mh. Tuilleadh air na 16 marathons slàn agus na 12 leth-mharathons, rinn mi àireamh de rèisean de 10 mìle, 10km, 5 mìle, 5km agus 3 mìle. Rinn mi an Great North Run ceithir tursan tràth anns na 1990an nuair a bha mi nam deugair. Chòrd iad rium gu mòr agus tha cuimhne agam gun do rinn mi e ann an leine ball-choise Caisteil Nuaidh air aon de na bliadhnachan sin. Am measg leth-mharathons eile rinn mi leth-mharathon na Hearadh ceithir tursan, leth-mharathon Beinn na Faoghla aon turas (air an 21mh co-latha-breith agam), agus leth-mharathon Barraigh aon turas. Rinn mi a’ mhòr chuid dhiubh ged-tà shìos anns na Crìochan. Rinn mi a’ chiad rèis agam air ais ann an 1987 nuair a bha mi 12 bliadhna dh’aois. ’S e rèis de 3 mìle a bh’ ann, astar mòr airson cuideigin den aois sin aig an àm. Fo na riaghailtean aig a’ chorp airson ruith cha robh e ceudaichte dhomh leth-mharathon a dhèanamh gus robh mi 17 bliadhna dh’aois ach cho luath ’s a thionndaidh mi 17 rinn mi leth-mharathon ann an Selkirk. Rinn mi a’ chiad marathon slàn agam trì bliadhnachan às a dhèidh nuair a bha mi a’ faireachdainn gus do rinn mi gu leòr leth-mharathons airson oidhirp a dhèanamh air marathon slàn.

Tuesday 26 February 2008

A’ sgrìobhadh gu caraidean le peann

Mar aon de na cur-seachadan agam tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh do charaidean thall thairis le peann. Ged a bha « caraid le peann » agam bho na làithean sgoile agam, cha robh Beurla gu leòr aigesan no Fraingis gu leòr agamsa aig an àm mòran ciall a dhèanamh ri chèile agus gu mì-fhortunach cha do mhair sin fada. Tha sgrìobhadh litrichean le peann air a bhith a’ còrdadh rium gu mòr agus thòisich mi a-rithist ri nighean às an t-Suain, Annelie. Bha càirdeas tlachdmhor againn thairis air iomadach bliadhna agus dh’ionnsaich mi mòran mu dheidhinn an dùthaich aicese. Sgrìobh mi gu caraid eile à Seapan, Azusa, airson mòran bliadhnachan agus a-rithist dh’ionnsaich mi mun chultar agus an dùthaich aicese. Dh’ionnsaich mi tòrr Spainntis bho charaid eile agam, Eva-María às an Spainnt. Tha sinne fhathast a’ sgrìobhadh gus an latha an-diugh. Tha triùir caraidean eile agam, Yvonne às a’ Ghearmailt, Mariam às an Eipheit agus Emilie às an Fhraing uile ris a tha mi fhathast a’ sgrìobhadh litrichean. Uaireanan bidh mi a’ dèanamh oidhirp Fraingis, Gearmailtis no Spainntis a chleachdadh ach ’s ann dha-rìribh airson ionnsachadh mu dhùthaich agus cultar diofraichte a bhios sinn a’ sgrìobhadh dhan chèile. Chan eil e cho cumanta san latha an-diugh cuideigin a lorg mar charaid air a bheil thu eòlach tro mheadhan sgrìobhadh litrichean le peann nad làimh, ach tha e tlachdmhor agus nuair nach eil cabhag ort post-dealain a chuir, ’s e rud as urrainn dhut cumail mar rud pearsanta. Tha e daonan snog a bhith a’ leughadh tro sheann litrichean agus nuair a gheibh thu litir tron phost.

Bliadhna bhon a ghabh mi daingeachadh san Eaglais Chaitligich

Ged a thogadh mi ann an teaghlach measgaichte de Chaitligich agus Wesleyanaich, agus gun robh mi daonan nas fhaisg air beusan na h-Eaglais Caitligiche, cha do ghabh mi daingeachadh a-riamh gus an-uiridh ann an Galashiels. Chuir mi romham seo a dhèanamh co-dhiù trì bliadhna na bu thràithe às dèidh bàs mo Sheanair, an sinnsear mu dheireadh a bh’ agam. Chaochail e aig aois cha mhòr 91 agus ’s e bliadhna air leth doirbh a bh’ ann dhomh. Chaochail esan sa Chèitean agus an uairsin nuair a bha mi ag obair as t-samhradh ann an Leòdhas, chaochail caraid agam, agus nuair a thill mi gu SMO às dèidh an t-samhraidh chaochail caraid eile agam Roy Wentworth. Nuair a bha an obair samhradh deiseil chuir mi romham beagan làithean saora a ghabhail san Fhraing oir cha robh mi a-riamh thall thairis aig an àm, ’s cha robh mi fiù ’s air a bhith ann an Èirinn. Chaidh mi ann a’ cleachdadh dòigh seann fhasanta. Fhuair mi bàt-aiseig eadar Portsmouth agus St. Malo. Chòrd St. Malo rium gu mòr agus gu h-àraidh am marcaid. Dh’fhalbh mi St. Malo às dèidh latha no dhà agus fhuair mi trèana gu Paris far an do thadhail mi air an Tùr Eiffel, Notre-Dame, an Louvre, Sacre-Coeur, agus chòisich mi air na Champs Élysées agus ri taobh na h-aibhne Seine. Chaidh mi gu Notre-Dame le dithist boireannach às Brasail. Nuair a bha mi taobh a-staigh bha mi a’ faireachdainn mar gun robh rudeigin gam tharraing. Lorg mi seòmar beag a-mach às an rathad agus shuidh mi air beulaibh ìomhaigh den Òighe. Bha mi direach leam fhèin agus thàinig sìth air feadh an corp agam. Tha e doirbh a chuir ann am faclan, ach bha fhios agam an uairsin gun robh mo Sheanair ann an nèamh agus gum b’ urrainn dhomh bhith aig sìth. Tha faireachdainn làidir a’ tighinn orm gach turas a chì mi ìomhaigh den Òighe agus thuirt mi seo ris an t-Sagart agam. Thuirt mi ris gun robh mi deiseil daingeachadh a ghabhail agus rinn mi sin an-uiridh. Thagh mi na h-ainmean Colm Pádraig mar ainmean daingeachaidh às dèidh Naomh Colm Chille agus Naomh Pádraig. Bidh mi a’ dol gu Cathair a’ Vatican nuair a thèid mi ann airson a’ mharathon agam san Roimh. Tha cleachdaidhean Wesleyanach agam cuideachd mar eisimpleir cha bhith mi ag òl deoch làidir agus tha mi a’ cumail Dì-Dòmhnaich mar latha sònraichte, ach tha sin ri fhaotainn ann an diofar eaglaisean cuideachd.

A’ taghadh eadar ionnsachadh Gaeilge agus Marathon Corcaigh

Ma bhios Iomairt Cholm Chille a’ cur air dòigh clasaichean do luchd làbhairt na Gàidhlig a tha ag ionnsachadh na Gaeilge a-rithist, bu mhath leam cuir a-steach air a shon oir bu mhath leam mo chuid Ghaeilge ùrachadh, ach mura h-eil thèid mi gu Corcaigh airson Marathon Corcaigh a ruith. Ma nì mi am marathon, bidh mi a’ ruith Lunnainn as t-Earrach ’09 airson an fhicheadamh marathon agam, ach ma tha an cùrsa Gaeilge a’ ruith nì mi sin na àite agus nì mi rudeigin nas sònraichte airson an fhicheadamh fear mar Sydney ’s dòcha – agus le cinnt ma thèid mo phiuthar gu Sealtainn Nuadh airson obair mar nurs mar a tha i an dùil. Tha e cinnteach gun chòrd an samhradh seo rium gu mòr. Bha mi ann an Canada an samhradh sa chaidh, agus nuair a nì mi Marathon New York san t-Samhain gheibh mi itealan saor gu Toronto agus bus no trèana gu New York. Airson na h-ath trì seachdainean a tha romham ged-tà tha am fòcas pearsanta (seach studaidh agus obair) air an Eadailt agus am marathon agam san Roimh air 16mh den Mhàirt. A thaobh studaidh ged-tà, tha an seamaistear seo a’ còrdadh rium gu mòr. Bidh mi a’ sgrìobhadh mu dheidhinn ceòl ann an Alba agus Galicia agus na h-innealan ciùil agus mar a chrùthaich an sluagh Galician an cultar ciùil aca. Airson am pios obrach eile tha mi a’ dol a sgrìobhadh air an dualchainnt ann an Uibhist a Deas agus gu sònraichte ainmean agus cleachdaidhean a’ buntainn ri eòin agus an eòlas a tha aig diofar ginealachan air a’ chuspair sin. Chan eil sìon s`onraichte le obair an-dràsta ach a-mhàin gum bi àm air leth trang romhainn sa Ghiblean nuair a bhios na 7s a’ gabhail àite ann am Maol Rois.

Zoo Sauvage de St. Félicien

Dh’fhalbh sinn air an rathad bho Tadoussac a dh’ionnsaidh Lac St. Jean far an do thadhail sinn air St. Félicien, far a bheil zoo airson beathaichean agus eòin às a’ cheann a tuath. Cha b’ e zoo àbhaisteach a bha seo le leòmainn agus tigeirean ach zoo le na beathaichean a bhiodh tu an dùil ri lorg ann an Canada agus na sgìrean aig ceann a tuath an t-saoghail. Le sin tha mi a’ ciallachadh diofar seòrsaichean de mhathain, mathain dhubha, mathain dhonna agus gu dearbh mathain gheala às an Artaig. Tuilleadh air na beathaichean àlainn seo bha madaidhean-àllaidh, carabù, mùs, féadh, bàidhsean, agus iomadach beathaichean eile. Chaidh sinn an an tréana timcheall a’ zoo agus fhuair mi tòrr dealbhan brèagha de na beathaichean – an dealbh seo de mhathan dubh nam measg. Mholainn do dhuine sam bith ma bhios iad ann an Québec agus ma tha iad àite sam bith faisg air Tadoussac gun rachadh iad gu St. Félicien gus an zoo seo fhaicinn. Bha e direach mìobhailteach.

Monday 25 February 2008

Làithean saora ann am Montréal agus Baile Québec 2004

Nuair a dh’fhalbh mi Toronto air an trèan gu Montréal bha mi air bhioran. Bhithinn a’ coinneachadh le seann charaid a rinn mi nuair a bha i air làithean saora i fhèin ann an Leòdhas, agus bhithinn a’ gabhail pàirt ann am marathon Lévis-Québec. ’S e Lévis am baile air an taobh eile den Abhainn Naomh Lorainn air beulaibh Baile Québec fhèin. Thadhail an dithist againn ann an làraich tùsanach Maniwhake aig an t-sluagh Mohawk agus chòisich sinn gu mullach Mt Sutton ann an ceann a deas Québec ri taobh Vermont. Chòrd Montréal rium gu mòr agus chòisich mi mu thimcheall a’ bhaile. Dh’fhalbh mi Montréal an uairsin air an trèan airson Baile Québec. Rinn mi am marathon air latha gu math teth, agus chòisich mi mu thimcheall. Chunnaic mi pàrlamaid Québec agus fhuair mi biadh ann an taigh-bìdh sa bhaile às dèidh an ruith. Thill mi gu Montréal agus fhuair mi trèan fada gu Halifax thairis air Québec, Brunswick Nuadh agus Alba Nuadh. Dh’fhuirich mi aon oidhche ann an Halifax agus fhuair mi càr suas gu Sydney agus Oilthigh Cheap Breatainn. Dh’fhaighnich mi don ionad fàilte dè an t-seòmar anns am biodh na nigheanan Albannach agus chuir mi iongnadh orra nuair a ghnoc mi air an doras aca.

Sunday 24 February 2008

Turas goirid agam gu Toronto agus na h-Easan Niagara 2004

Bha fhios agam gum bithinn a’ tòiseachadh an t-seamaisteir air a’ bhliadhna mu dheireadh den cheum agam aig Oilthigh Cheap Breatainn agus chuir mi romham gun rachainn ann beagan na bu thràithe airson trì seachdainnean de làithean saora mus deach mi chun na colaiste. Fhuair mi itealan saor eadar Glaschu agus Toronto, agus air sgàth na còig uairean de dhiofar eadar an dà dhùthaich, dh’fhalbh mi Alba deich uairean sa mhadainn agus landaig mi ann an Canada mu dà reug, meadhan latha. Cho luath ’s a ràinig mi an ostail far am bhithinn a’ fuireach airson an dà oidhche, dh’fhàg mi an stùth agam san t-seòmar agus rinn mi airson an Tùr CN. Lorg mi e ceart gu leòr agus fhuair mi cupa teatha agus rudeigin ithe aig a’ mhullach. Bha seallaidhean matha ann den Loch Ontario agus na toglaichean àrd mu thimcheall. Chunnaic mi gun robh gèama baseball a’ tòiseachadh eadar na Toronto Bluejays agus na Boston Redsocks. Chaidh mi ann agus cheannaich mi ticead airson a’ ghèama – bhuanaich na Bluejays. Tràth an ath latha dh’fhalbh mi ann am bus a chuir an ostail air dòigh agus rinn sinn airson Niagara. Chaidh mi timcheall le cuideigin às an Fhraing oir cha robh Beurla aigesan ach bhà Fraingis agamsa agus bha e a’ sireadh cuideigin bhon ostail ris am b’ urrainn dha bruidhinn. Chaidh an grupa uile gu lèir anns na bàtaichean ris an canar Maid Of The Mist gu bonn nan easan air gach taobh, na h-Easan Canaidianach a tha a’ dèanamh crùth crudha (horseshoe) agus na h-Easan Amaireaganach a tha nas lugha ach cuideachd nas cunnartaich oir tha clachan aig a’ bhonn. Bha a’ chumhachd a bha na h-easan seo a’ crùthachadh mìorbhailteach agus bha fuaim làidir ri cluinntinn airson trì mìle. Cheannaich mi camara saor a tha thu a’ tilgeil air falbh aon uair ’s gu bheil thu deiseil ris, camara a bha comasach uisge bho na h-easan a ghabhail a-steach gun a bhith ga bhristeadh. Air an adhbhar sin bha mi comasach dealbhan èireachdail a thogail de na h-easan. Cuiridh mi feadhainn dhuibh air an làraich lìn seo. Mar sin bha direach dà latha agam ann an Ontario ach chunnaic mi Toronto, an Tùr CN, gèama baseball agus na h-Easan Niagara.

Saturday 23 February 2008

Na h-Olympics ann an Sìne

Tha mi nam bhall de dhà bhuidheann airson còraichean mac an duine, Free Tibet agus The Burma Campaign a tha Aung San Suu Kyi a’ ruith airson deamocrasaidh anns an dùthaich sin. Chaochail tuilleadh is muillean Tibetanaich bhon a thàinig Sìne a-steach ann an 1949. Tuilleadh air na cùisean uabhasach a tha air a bhith a’ dol air adhart ann an Tibet ann an Xinjiang agus Qinghai, tha an sluagh Sìneach an dèidh tòrr fulang cuideachd. Tha mi a’ cur fàilte air cùis a bhios a’ fosgladh suas Sìne. Bidh seo a’ toirt orra a bhith a’ ceartachadh an dòigh aca a thaobh còraichean mac-an-duine. Cha chreids mi gun tuit comannachas ann an Sìne mar a thachair san Rùis. Thig pìseach mion air mhion san dùthaich agus thig cùisean gu bhith nas fheàrr. Tha daonan cunnart ann gun tig rudeigin uabhasach eile an àite siostam fòirneartach agus tha Sìne air an rathad ceart ged a tha e a’ leasachadh tuilleadh is slaodach nam bharail-se. Chan eil boycott ag obair uaireanan oir an àite fosgladh suas an dùthaich tha an co-dhùnadh sin gu tric a’ leantainn a dh’ionnsaidh dùnadh sìos de dhùthaich. Tha e nas fheàrr gun cumas an saoghal solas soilleir air an dùthaich.

A’ coimhead air adhart ris na taghaidhean anns na Stàitean

Bha mi ann an Canada a’ coimhead air na deasbadan eadar Bush agus Kerry an turas mu dheireadh a bha tagh nàiseanta anns na Stàitean. Tha cuimhne agam ron deasbad gun robh mi airson Kerry a bhuanachadh ach ag èisteachd ri na bha aca ri ràdh bha mi a’ tionndadh beagan a-bharrachd a dh’ionnsaidh Bush. Mar Chriostach tha mi glèidhteach ann an gnìomhan pearsanta ach nas libearalaich nuair a thig e gu cùisean eaconomach. Cha chanainn gu bheil partaidh shònraichte ris am bithinn uile gu lèir sàsaichte, ach tha e inntinneach agus tha an co-dhùnadh a’ ruigsinn nas fharsaing na na Stàitean fhèin. Tha mi a’ creidsinn gum buanaich Obama an t-ainmeachadh airson na Democrats a-nis agus cha mhòr nach eil e cinnteach gum bi Cain a’ ruith airson na Republicans. Aig an ìre thràth seo tha mi a’ dol le Obama airson an Taigh Ghil. Ann an Alba/Breatainn chan eil partaidh ann a tha a’ glacadh m’ àire. Tha mi air an taobh deas ach chan eil mi a’ dol leis a’ Phartaidh Ghlèidhteach. Bu mhath leam a bhith a’ faicinn leasachadh eaconomaidh ann an Alba air falbh bho thèarainteach shòisealta a dh’ionnsaidh cìsean nas ìseil airson gnìomhachasan agus gu h-àraidh gnìomhachasan ùra. Tha mi a’ smaointinn gu bheil e cudthromach ann an àm nuair a tha sinn a’ faicinn an eaconomaidh a’ slaodachadh gu bheil sinn a’ glèidheadh airgid mar dùthaich. Tha atharrachaidhean mòra romhainn san t-saoghal le ceann-suidhe ùr anns na Stàitean ge brith dè partaidh a bhios a’ buanachadh san t-Sultain. Bha mi gu làidir an aghaidh a’ chogaidh ann an Iraq
agus ma bhuanachas Obama chì sinn an tachartas brònach sin a’ tighinn gu crìch.

Ag ionnsachadh chànanan

Cha robh mi math aig cànanan idir nuair a bha mi san sgoil. An aon chànan seach Beurla anns am b’ urrainn dhomh canail rudan sìmplidh mar « aran » agus « bainne » b’ e Polannais, cainnt màthaireil athair bean m’ athar, duine a b’ aithne dhomh mar an Seanair agam. Nar teaghlach biodh sinn a’ cleachdadh beagan ach cha robh mi idir a’ smaointinn gur b’ e « cànan » ann an seadh foghlaim a bh’ agam ach rud pearsanta, b’ ann leis-san a bha a’ chainnt agus bha i na pàirt dhe. Bha na faclan seo furasta ionnsachadh. Bha iad air mo theanga, ach cha b’ urrainn dhomh an sgrìobhadh sìos no dad foghlaimte mar sin. Bha mi mothaicheil nach robh na faclan seo aig mo charaidean ann an ceann a deas na h-Alba, oir cha tàinig an Seanair sin bho Bhreatainn bho thùs ged a b’ e Breatannach a bh’ ann. Cha do dh’ionnsaich mi sgeul a bheatha mus do chaochail e ach a-mhàin gun do rugadh e sa Ruis agus gun do theich a theaghlach air ais gu Pòlainn agus an uairsin chaidh e chun na nèibhidh. A’ chiad turas a « dh’ionnsaich » mi cànan mar gum biodh, b’ e nuair a rinn mi Fraingis san sgoil aig aois 12. Cha robh a’ chànan sin a’ dèanamh ciall sam bith dhomh. Cha b’ aithne dhomh duine sam bith aig an robh i aig an àm agus mar sin bha e coltach ri ionnsachadh Hittite no Seann Ghreigis – cha do rinn mi ceangail eadar an cuspair sin agus daoine anns an t-saoghail a-muigh. Nuair a thòisich mi a’ cholaiste aig aois 19, fhuair mi caraid ùr à Murcia sa Spàinn, agus thuirt e leam « bidh thu ag ionnsachadh Spàinntis bhuam » agus dh’ionnsaich. Dh’ionnsaich air sàillibh gun robh cuideigin ris am b’ urrainn dhomh ceangail a dhèanamh ris a’ chànan mar a b’ urrainn dhomh le mo Sheanair. Uaireanan bidh daoine ag innse dhomh gu bheil tòrr diofar cànanan agam ach ’s e direach gun toigh leam a bhith a’ dèanamh oidhirp bruidhinn riutha sa chainnt màthaireil aca. ’S e cùis phearsanta a th’ ann an cànan, agus chan eil Hittite no Seann Greigis agam fhathast agus tha mi làn chinnteach nach bi. An dòigh as fheàrr cànan ionnsachadh nam bharailse, ’s e a bhith ag ionnsachadh cànanan bho na daoine mu thimcheall, ag èisteachd ri òrain air an seinn ann an diofar teangachan, a bhith ag èisteachd ris a’ reidio leis an eadar-lìon.

Friday 22 February 2008

A’ sìreadh nam freumhan agam air taobh m’ athar

Rugadh is thogadh m’ athair anns a’ bhaile Caisteal Barnard, àite tlachdmhor ann an ceann a deas Contaidh Durham faisg air a’ chrìoch le Siorrachd York a Tuath. B’ esan am bràthair as òige agus bha dithist bràthair agus dithist piuthar aige. Rugadh mo Sheanair san aon sgìre, ach ann am baile diofraichte, Wolsingham. Bha esan mar a tha m’ athair agus mi fhìn an sàs gu mòr ann an spòrs, agus chluich esan airson an sgioba criocaid Contaidh Durham anns na 1930an. Chaochail e nuair a bha m’ athair direach trì bliadhna deug (aois 53) agus mar sin tuilleadh air seann dealbhan agus na cuimhnichean a bha aig m’ athair ’s mo Sheanmhair cha b’ aithne dhomh mo Sheanair agus bha sin a’ togail ùidh agam ann an cò esan agus na sinnsearan aige. Mhair mo shin-sheanair na b’fhaide na mo Sheanair le grunnan bliadhnachan. Chaochail an dithist aca anns na 1960an. Bha fios agam gur b’ e Charles Edward ainm mo Shin-sheanair agus gun do rugadh e ann an 1885 ach robh fios agam càite mus do thòisich mi an rannsachadh seo agam. Bha esan mu 78 nuair a chaochail e. Fhuair mi lorg air na cunntasan sluaigh airson 1891 agus 1901 agus fhuair mi a-mach gun do rugadh e ann an Siorrachd York agus gun do ghluais e gu Contaidh Durham nuair a bha e na bhalach. Bha fhios agam gun robh bràthair nas òige aig mo Sheanair, agus b’ e Frank no Francis an t-ainm a bh’ aigedh’imrich esan gu Astràilia far an robh e ag obair mar ollamh ann an oilthigh leis na saidheansan. Bha an t-ainm seo a’ toirt boillsgeadh dhomh agus dh’obraich mi a-mach gur b’ e Francis an t-ainm a bh’ aig mo Shin-shin-sheanair cuideachd. Rugadh esan anns an aon phàirt de Siorrachd York ’s a rugadh mo Shin-sheanair (Charles Edward). Tha mi air leth fortunach oir bha an loidhne a bha a’ dol air ais bho sin furasta a lorg oir bha a’ mhòr chuid dhiubh an sàs leis an eaglais. Chan eil mi air bean-chèile a lorg dhasan fhathast, ach tha fhios agam gur b’ e Thomas Raw (rugadh 1814) agus Ann Raw (née Heslop, 1817) na pàrantan aige. Phòs iad ann an 1836, agus chaochail esan ann an 1883 aois mu 69. Rugadh athair Thomas Raw, Francis Raw ann an 1787 agus phòs e Elizabeth (Betty) Raw (née Pedley, 1790) ann an 1808. Chaochail esan ann an 1840 aois mu 53. Rugadh athair Francis Raw, Thomas Raw ann an 1759 agus phòs e Mary Raw (née Eyles, 1763) ann an 1784. Chaochail esan ann an 1813 aois mu 54. Rugadh athair Thomas Raw, Francis Raw ann an 1732 agus phòs e Ann Raw (née Coates, 1736) ann an 1758. Rugadh athair Francis Raw, Thomas Raw ann an 1693 agus phòs e Margaret Raw (née Milner, 1696) ann an 1718. Rugadh athair Thomas Raw, James Raw ann an 1654 agus chaochail e ann an 1719 aois mu 65. Rugadh athair James Raw, Nicolas Raw ann an 1628 agus phòs e Elizabeth Raw (née Metcalfe, 1632) ann an 1649. Chaochail esan ann an 1677 aois mu 49. Tuilleadh air sin tha e air leth doirbh eòlas fhaighinn air sinnsearan nas sine air an taobh Raw den teaghlach agam. Tha fhios againn gun do rugadh ochd ginealachan anns an aon sgìre de Siorrachd York agus gu bheil an sloinneamh Raw a’ nochdadh ann an cunntasan a’ dol air ais gu na 1500an san siorrachd. Tha an sloinneamh cuideachd a’ nochdadh san leabhar Doomsday a bha sgrìobhte ann an 1086. Tha luchd-eòlaichean de shloinneamhan a’ cumail a-mach gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon chiad phàirt den ainm pearsanta Randalf (i.e. Ra- no Ran-) agus gur e ainm Lochlannach a bh’ ann. Tha sin a’ dèanamh ciall dhomh oir tha ùidh agam ann an eachdraidh agus tha fios agam gur b’ e Siorrachd York aig cridhe an tuineachaidh Lochlannach.

Thursday 21 February 2008

An seinneadair boireann as fheàrr leam – Emmylou Harris

’S dòcha nach bi daoine nach aithne ceòl dùthchasach Amaireaganach eòlach air a' bhoireannach seo, ach am measg na coimhearsnachd sin tha i ainmeil agus tha i air a bhith a’ dol airson ùine fada a-nis. Rinn i clàr le Mark Knopfler o chionn ghoirid, a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan ciùil Dire Straits (agus ’s esan an cluicheadair giotair as fheàrr leam). ’S e All The Road Running tiotal a’ chlàir ma tha ùidh agaibh. Bha ise a’ seinn gu tric leis na peathraichean Carter, Johnny Cash agus iomadach seinneadairean eile agus cluinnidh tu gu bheil freumhan gospel aig ceòl dùthchasach ma dh’èisteachas tu ri cuid de na h-òrain sin. Bidh Emmylou Harris a’ seinn ann an iomadach stoidhlichean, agus aon de na h-òrain as fheàrr leam a tha i a’ dèanamh ’s e ballad a th’ ann, Say A Prayer For The Cowgirl, òran mu dheidhinn each a theich agus bha iad ag ionndrainn a chèile agus mu dheireadh fhuair iad lorg air a chèile ach cha robh feum air a’ chuip oir bha iad saor ri chèile agus a’ tuigsinn a chèile. Tha an t-òran sin gu math brèagha agus gheibh thu lorg air ann an youtube. Cuiridh mi ceangail air an duilleig seo sa bhlog agam. Rugadh i ann an Alabama, ceann a deas nan Stàitean Aonaichte, agus tha i air duaisean Grammy a bhuannachadh 12 turas eadar 1976 agus 2005.

Ag amas air fichead marathons

Tha bliadhna air leth trang romham a thaobh ruith am bliadhna oir tha planaichean agam airson trì marathons, a’ tòiseachadh le marathon na Roimhe air an 16mh den Mhàirt, an uairsin le marathon Corcaigh ann an Èirinn san Ògmhìos agus a’ cur deireadh air a’ bhliadhna san t-Samhain le marathon mòr ann an New York. Aig toiseach na bliadhna 2008 bha mi air 16 marathons a ruith leis a’ mharathon mu dheireadh a’ tighinn ann am Baile Átha Cliath san Damhair 2007. Bidh an ath thrì marathons a’ toirt an cunntas sin gu 19 agus le marathon Lunnainn sa Ghiblean 2009 bidh mi air fichead marathons slàn a ruith thairis air a’ 12 bhliadhna mu dheireadh. Tha ceithir marathons nam measg a rinn mi dà thuras, Lochaber, Lunnainn, Baile Átha Cliath agus An Dà Dhrochaid. Cha do rinn mi gin de na trì marathons cheana a bhios mi a’ dèanamh am bliadhna ach airson an fhicheadamh marathon bidh mi a’ ruith Lunnainn airson an treasamh turas nam bheatha.

Wednesday 20 February 2008

Marathon Baile Átha Cliath – An Damhair 2007

’S e direach turas beag a bha seo ach chòrd e rium mar a tha Èirinn daonan a’ còrdadh rium. Rinn mi am marathon agus thadhail mi air Coláiste na Tríonóide gus an Leabhar Cheanannais fhaicinn. Bha an làrach cho inntinneach ’s a ghabhas le seann leabharlann san t-seòmar os cionn agus a’ chlàrsach as sine ann an Èirinn. Chunnaic mi tòrr nuair a bha mi ann agus chaidh mi gu Club Chonradh na Gaeilge far an robh mi a’ dèanamh còmradh le muinntir na Gaeilge. Bha tòrr bùithtean ùra air nochdadh as ùr nach robh ann an turas mu dheireadh a bha mi sa bhaile. Bha seo a’ chòrdadh rium oir b’ ann às an dùthaich sin a bha an seanair agam. Bha am marathon fhèin caran daor ged-tà agus gun teagamh sam bith tillidh mi a dh’Èirinn airson marathon eile, ach ’s dòcha ann an Corcaigh, Con na Mara no Béal Feirste an ath thuras.

Tuesday 19 February 2008

Turas goirid gu Girona agus Barcelona san Dùbhlachd 2006

Tha mi gu math deidheil air ailthireachd agus ealain agus bha an obair aig Gaudí a’ togail m’ àire bho chionn fhada, gu h-àraid an obair eireachdail aige leis a’ Sagrada Familla ann am Barcelona. Airson an adhbhar sin agus airson seann charaid le peann fhaicinn, chaidh mi ann le itealan saora taobh a-muigh an ràith thurasachd. Chaidh mi gu Girona. ’S ann às an Fhraing a tha mo charaid ris an robh mi a’ coinneachadh ach ’s e Fraingeach Catalanach a th’ innte agus mar sin bha i mion eòlach air an sgìre agus an cultar oir tha an sluagh Catalanach ri lorg anns gach taobh den chrìoch airson na Frainge agus an Spàinnt. An dèidh a bhith a’ dèanamh oidhirp mhòr Spàinntis a bhruidhinn, bha mi a’ faireachdainn nas cumhfhurtail nuair a dh’èirich an cothrom seo Fraingis a bhruidhinn na àite. Bha Girona gu math brèagha agus bha an cultar Catalanach nas fhaicsinniche sa bhaile bheag sin na bha e ann am Barcelona. Chaidh sinn gu aifhreann ann an àrd-eaglais a’ bhaile agus ’s e rud sònraichte a bh’ ann aifhreann a chumail sa chànan aca fhèin seach Castillano. Tha e gu math cudthromach dhaibh oir cha robh a’ chànan aca fhèin ceadaichte nuair a bha Franco ann. Bha mi a’ tuigsinn bhuapa gu robh a’ chànan tuilleadh air samhla den chultar aca, ’s e samhla de saorsa a th’ ann. Mar sin ged nach eil a’ chànan agam, chleachd mi « sis plau » (mas e do thoil e) agus « moltes graciès » (mòran taing) ann an Catalan ged a robh mi a’ bruidhinn Castillano riutha. Bha seo a’ còrdadh riutha agus chuir iad fàilte bhlàth romham gach àite san deach mi. Bha Barcelona fhèin cho beòthail. Choinnich mi ri dithist às a’ Bhrasail bhon àite-fuirich anns an robh mi. Rinn sinn cuairt air a’ bhaile mhòr gach latha agus chaidh sinn dhan Sagrada Familla. Tha iad fhathast a’ togail na h-eaglaise, agus bidh iad ag obair oirre airson fichead bliadhna eile fhathast. Cuiridh mi dealbhan suas nuair a bhios àm gu leòr agam.

Na làithean saora agam ann an Québec 2007

Seo an dara turas nam bheatha a bha mi ann an Canada, oir an turas mu dheireadh a bh’ agam san dùthaich bha mi nam oileanach aig Oilthigh Cheap Breatainn airson trì mìosan air a’ bhliadhna mu dheireadh agam san oilthigh. Sgrìobhaidh mi beagan mu dheidhinn a’ chiad turas fhathast. Bha an dara turas ged-tà direach airson tlachd. Bha trì seachdainean agam ann an Québec. Fhuair mi bus airson aon not gu Lunnainn bho Dhùn Èideann – nach mise tha math aig bargain a lorg – agus co-dhiù, chaidh mi air an itealan bho Gatwick gu Trudeau, Montréal. Bha mo charaid a’ faitheamh leam aig a’ phort adhair agus chaidh sinn dìreach gu Ste Hyacinthe (leth uair a thìde chun an taoibh an ear bho Montréal), far an robh mi airson a’ chiad seachdain le mo charaidean. Ged is e sgìre gu math dà chànanach a tha seo, bha glé bheag de dhaoine a’ bruidhinn Beurla. Tha an t-àite làn de dh’achaidhean mòra agus bha mi gu math deidheil air na marcaidean a bha a’ reic lusan agus meas ùr. Bha sinn a’ campadh a-muigh ann an ceann a tuath Québec airson cola-deug, agus ’s e saor-làithean air leth sònraichte a bh’ annta. Rinn sinn mòran ri chèile mar mharcachd anns na h-eich, agus a’ falbh air na kayakan ann an loch. Rinn sinn tòrr coiseachd suas anns na beanntan agus chaidh sinn gu làrach sònraichte airson beathaichean mòra Canàidianach. Chunnaic mi mathain dhubha anns an àrainneachd nàdarra aca fhèin cuideachd. ’S e fraingis a bha sinn a’ bruidhinn fad an t-siubhail agus aig an deireadh bha mi gu math comhfhurtail a’ chànan a bhruidhinn gu siubhalmhor. Thog mi tòrr dealbhan de na làithean saora sin agus cuiridh mi iad air an làraich seo nuair a tha àm gu leòr agam sin a dhèanamh.

Monday 18 February 2008

An Naidheachd As Ùire Agam

Tha an ath marathon gu bhith agam sa Mhàirt, agus tha mi air bhioran ma dheidhinn oir tha mi a’ siubhal chun na Eadailt air a shon. Bidh mi a’ dèanamh « la maratona della città di Roma » - san Roimh. Tha mi an dèidh 16 marathons a ruith mu thràth agus iad ann an còig diofar dùthchannan, Alba, Sasainn, Èirinn, A’ Chuimrigh agus Canada, ach seo a’ chiad turas a bhios mi a’ dèanamh marathon air tìr mòr na Roinn Eòrpa. Bidh mi a’ gabhail an itealain bhon Chaisteal Nuadh (am port adhair as fhaisg air an taigh agam) gu Bergamo air an 11mh den Mhàirt. An ath latha bidh mi a’ dol gu Milan agus an uairsin air an trèan mu dheas chun na Roimh fhèin. Bidh mi a’ fuireach còig làithean san Roimh uile gu lèir agus trì làithean ann am Milan. Tha mi a’ dol air ais a Chaisteal Nuadh an uairsin air an 20mh den Mhàirt. Bliadhna an dèidh daingneachadh a ghabhail anns an Eaglais Chaitligeach bidh mi a’ dèanamh a’ chiad turas agam gu Baile a’ Bhatacan. Bidh mi ann airson co-dhiù aon latha slàn agus mar sin tuilleadh air a’ marathon ‘s e seòrsa de thaisteal spioradail a bhios ann cuideachd. Tha ùidh mhòr air a bhith agam ann an ealain airson mòran bhliadhnachan, agus tuilleadh air pìosan eireachdail de dhealbhan, tha mi gu math deidheil air ailtireachd. Tha mi cinnteach gum bi tòrr dealbhan agam nuair a thilleas mi agus cuiridh mi an fheadhainn as fheàrr suas air a’ bhlog seo.