Bha mi a’ coimhead tro na seann faidhlichean agam a bha mi a’ cumail mu na rèisean a rinn mi bhon a bha mi dà bhliadha dheug a dh’aois agus bidh an ath rèis agam, am marathon anns an Roimh an 50mh. Tuilleadh air na 16 marathons slàn agus na 12 leth-mharathons, rinn mi àireamh de rèisean de 10 mìle, 10km, 5 mìle, 5km agus 3 mìle. Rinn mi an Great North Run ceithir tursan tràth anns na 1990an nuair a bha mi nam deugair. Chòrd iad rium gu mòr agus tha cuimhne agam gun do rinn mi e ann an leine ball-choise Caisteil Nuaidh air aon de na bliadhnachan sin. Am measg leth-mharathons eile rinn mi leth-mharathon na Hearadh ceithir tursan, leth-mharathon Beinn na Faoghla aon turas (air an 21mh co-latha-breith agam), agus leth-mharathon Barraigh aon turas. Rinn mi a’ mhòr chuid dhiubh ged-tà shìos anns na Crìochan. Rinn mi a’ chiad rèis agam air ais ann an 1987 nuair a bha mi 12 bliadhna dh’aois. ’S e rèis de 3 mìle a bh’ ann, astar mòr airson cuideigin den aois sin aig an àm. Fo na riaghailtean aig a’ chorp airson ruith cha robh e ceudaichte dhomh leth-mharathon a dhèanamh gus robh mi 17 bliadhna dh’aois ach cho luath ’s a thionndaidh mi 17 rinn mi leth-mharathon ann an Selkirk. Rinn mi a’ chiad marathon slàn agam trì bliadhnachan às a dhèidh nuair a bha mi a’ faireachdainn gus do rinn mi gu leòr leth-mharathons airson oidhirp a dhèanamh air marathon slàn.
Wednesday, 27 February 2008
Tuesday, 26 February 2008
A’ sgrìobhadh gu caraidean le peann
Mar aon de na cur-seachadan agam tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh do charaidean thall thairis le peann. Ged a bha « caraid le peann » agam bho na làithean sgoile agam, cha robh Beurla gu leòr aigesan no Fraingis gu leòr agamsa aig an àm mòran ciall a dhèanamh ri chèile agus gu mì-fhortunach cha do mhair sin fada. Tha sgrìobhadh litrichean le peann air a bhith a’ còrdadh rium gu mòr agus thòisich mi a-rithist ri nighean às an t-Suain, Annelie. Bha càirdeas tlachdmhor againn thairis air iomadach bliadhna agus dh’ionnsaich mi mòran mu dheidhinn an dùthaich aicese. Sgrìobh mi gu caraid eile à Seapan, Azusa, airson mòran bliadhnachan agus a-rithist dh’ionnsaich mi mun chultar agus an dùthaich aicese. Dh’ionnsaich mi tòrr Spainntis bho charaid eile agam, Eva-María às an Spainnt. Tha sinne fhathast a’ sgrìobhadh gus an latha an-diugh. Tha triùir caraidean eile agam, Yvonne às a’ Ghearmailt, Mariam às an Eipheit agus Emilie às an Fhraing uile ris a tha mi fhathast a’ sgrìobhadh litrichean. Uaireanan bidh mi a’ dèanamh oidhirp Fraingis, Gearmailtis no Spainntis a chleachdadh ach ’s ann dha-rìribh airson ionnsachadh mu dhùthaich agus cultar diofraichte a bhios sinn a’ sgrìobhadh dhan chèile. Chan eil e cho cumanta san latha an-diugh cuideigin a lorg mar charaid air a bheil thu eòlach tro mheadhan sgrìobhadh litrichean le peann nad làimh, ach tha e tlachdmhor agus nuair nach eil cabhag ort post-dealain a chuir, ’s e rud as urrainn dhut cumail mar rud pearsanta. Tha e daonan snog a bhith a’ leughadh tro sheann litrichean agus nuair a gheibh thu litir tron phost.
Bliadhna bhon a ghabh mi daingeachadh san Eaglais Chaitligich
A’ taghadh eadar ionnsachadh Gaeilge agus Marathon Corcaigh
Ma bhios Iomairt Cholm Chille a’ cur air dòigh clasaichean do luchd làbhairt na Gàidhlig a tha ag ionnsachadh na Gaeilge a-rithist, bu mhath leam cuir a-steach air a shon oir bu mhath leam mo chuid Ghaeilge ùrachadh, ach mura h-eil thèid mi gu Corcaigh airson Marathon Corcaigh a ruith. Ma nì mi am marathon, bidh mi a’ ruith Lunnainn as t-Earrach ’09 airson an fhicheadamh marathon agam, ach ma tha an cùrsa Gaeilge a’ ruith nì mi sin na àite agus nì mi rudeigin nas sònraichte airson an fhicheadamh fear mar Sydney ’s dòcha – agus le cinnt ma thèid mo phiuthar gu Sealtainn Nuadh airson obair mar nurs mar a tha i an dùil. Tha e cinnteach gun chòrd an samhradh seo rium gu mòr. Bha mi ann an Zoo Sauvage de St. Félicien
Monday, 25 February 2008
Làithean saora ann am Montréal agus Baile Québec 2004
Nuair a dh’fhalbh mi Sunday, 24 February 2008
Turas goirid agam gu Toronto agus na h-Easan Niagara 2004
Bha fhios agam gum bithinn a’ tòiseachadh an t-seamaisteir air a’ bhliadhna mu dheireadh den cheum agam aig Oilthigh Cheap Breatainn agus chuir mi romham gun rachainn ann beagan na bu thràithe airson trì seachdainnean de làithean saora mus deach mi chun na colaiste. Fhuair mi itealan saor eadar Glaschu agus
i ann agus cheannaich mi ticead airson a’ ghèama – bhuanaich na Bluejays. Tràth an ath latha dh’fhalbh mi ann am bus a chuir an ostail air dòigh agus rinn sinn airson Saturday, 23 February 2008
Na h-Olympics ann an Sìne
Tha mi nam bhall de dhà bhuidheann airson còraichean mac an duine, Free Tibet agus The Burma Campaign a tha Aung San Suu Kyi a’ ruith airson deamocrasaidh anns an dùthaich sin. Chaochail tuilleadh is muillean Tibetanaich bhon a thàinig Sìne a-steach ann an 1949. Tuilleadh air na cùisean uabhasach a tha air a bhith a’ dol air adhart ann an A’ coimhead air adhart ris na taghaidhean anns na Stàitean
Bha mi ann an Canada a’ coimhead air na deasbadan eadar Bush agus Kerry an turas mu dheireadh a bha tagh nàiseanta anns na Stàitean. Tha cuimhne agam ron deasbad gun robh mi airson Kerry a bhuanachadh ach ag èisteachd ri na bha aca ri ràdh bha mi a’ tionndadh beagan a-bharrachd a dh’ionnsaidh Bush. Mar Chriostach tha mi glèidhteach ann an gnìomhan pearsanta ach nas libearalaich nuair a thig e gu cùisean eaconomach. Cha chanainn gu bheil partaidh shònraichte ris am bithinn uile gu lèir sàsaichte, ach tha e inntinneach agus tha an co-dhùnadh a’ ruigsinn nas fharsaing na na Stàitean fhèin. Tha mi a’ creidsinn gum buanaich Obama an t-ainmeachadh airson na Democrats a-nis agus cha mhòr nach eil e cinnteach gum bi Cain a’ ruith airson na Republicans. Aig an ìre thràth seo tha mi a’ dol le Obama airson an Taigh Ghil. Ann an Alba/Breatainn chan eil partaidh ann a tha a’ glacadh m’ àire. Tha mi air an taobh deas ach chan eil mi a’ dol leis a’ Phartaidh Ghlèidhteach. Bu mhath leam a bhith a’ faicinn leasachadh eaconomaidh ann an Alba air falbh bho thèarainteach shòisealta a dh’ionnsaidh cìsean nas ìseil airson gnìomhachasan agus gu h-àraidh gnìomhachasan ùra. Tha mi a’ smaointinn gu bheil e cudthromach ann an àm nuair a tha sinn a’ faicinn an eaconomaidh a’ slaodachadh gu bheil sinn a’ glèidheadh airgid mar dùthaich. Tha atharrachaidhean mòra romhainn san t-saoghal le ceann-suidhe ùr anns na Stàitean ge brith dè partaidh a bhios a’ buanachadh san t-Sultain. Bha mi gu làidir an aghaidh a’ chogaidh ann an Ag ionnsachadh chànanan
Friday, 22 February 2008
A’ sìreadh nam freumhan agam air taobh m’ athar
Rugadh is thogadh m’ athair anns a’ bhaile Caisteal Barnard, àite tlachdmhor ann an ceann a deas Contaidh Durham faisg air a’ chrìoch le Siorrachd York a Tuath. B’ esan am bràthair as òige agus bha dithist bràthair agus dithist piuthar aige. Rugadh mo Sheanair san aon sgìre, ach ann am baile diofraichte, Wolsingham. Bha esan mar a tha m’ athair agus mi fhìn an sàs gu mòr ann an spòrs, agus chluich esan airson an sgioba criocaid Contaidh Thursday, 21 February 2008
An seinneadair boireann as fheàrr leam – Emmylou Harris
’S dòcha nach bi daoine nach aithne ceòl dùthchasach Amaireaganach eòlach air a' bhoireannach seo, ach am measg na coimhearsnachd sin tha i ainmeil agus tha i air a bhith a’ dol airson ùine fada a-nis. Rinn i clàr le Mark Knopfler o chionn ghoirid, a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan ciùil Dire Straits (agus ’s esan an cluicheadair giotair as fheàrr leam). ’S e All The Road Running tiotal a’ chlàir ma tha ùidh agaibh. Bha ise a’ seinn gu tric leis na peathraichean Carter, Johnny Cash agus iomadach seinneadairean eile agus cluinnidh tu gu bheil freumhan gospel aig ceòl dùthchasach ma dh’èisteachas tu ri cuid de na h-òrain sin. Bidh Emmylou Harris a’ seinn ann an iomadach stoidhlichean, agus aon de na h-òrain as fheàrr leam a tha i a’ dèanamh ’s e ballad a th’ ann, Say A Prayer For The Cowgirl, òran mu dheidhinn each a theich agus bha iad ag ionndrainn a chèile agus mu dheireadh fhuair iad lorg air a chèile ach cha robh feum air a’ chuip oir bha iad saor ri chèile agus a’ tuigsinn a chèile. Tha an t-òran sin gu math brèagha agus gheibh thu lorg air ann an youtube. Cuiridh mi ceangail air an duilleig seo sa bhlog agam. Rugadh i ann an Ag amas air fichead marathons
Tha bliadhna air leth trang romham a thaobh ruith am bliadhna oir tha planaichean agam airson trì marathons, a’ tòiseachadh le marathon na Roimhe air an 16mh den Mhàirt, an uairsin le marathon Corcaigh ann an Èirinn san Ògmhìos agus a’ cur deireadh air a’ bhliadhna san t-Samhain le marathon mòr ann an Wednesday, 20 February 2008
Marathon Baile Átha Cliath – An Damhair 2007
’S e direach turas beag a bha seo ach chòrd e rium mar a tha Èirinn daonan a’ còrdadh rium. Rinn mi am marathon agus thadhail mi air Coláiste na Tríonóide gus an Leabhar Cheanannais fhaicinn. Bha an làrach cho inntinneach ’s a ghabhas le seann leabharlann san t-seòmar os cionn agus a’ chlàrsach as sine ann an Èirinn. Chunnaic mi tòrr nuair a bha mi ann agus chaidh mi gu Club Chonradh na Gaeilge far an robh mi a’ dèanamh còmradh le muinntir na Gaeilge. Bha tòrr bùithtean ùra air nochdadh as ùr nach robh ann an turas mu dheireadh a bha mi sa bhaile. Bha seo a’ chòrdadh rium oir b’ ann às an dùthaich sin a bha an seanair agam. Bha am marathon fhèin caran daor ged-tà agus gun teagamh sam bith tillidh mi a dh’Èirinn airson marathon eile, ach ’s dòcha ann an Corcaigh, Con na Mara no Béal Feirste an ath thuras.