Dh’fhalbh sinn air an rathad bho Tadoussac a dh’ionnsaidh Lac St. Jean far an do thadhail sinn air St. Félicien, far a bheil zoo airson beathaichean agus eòin às a’ cheann a tuath. Cha b’ e zoo àbhaisteach a bha seo le leòmainn agus tigeirean ach zoo le na beathaichean a bhiodh tu an dùil ri lorg ann an Canada agus na sgìrean aig ceann a tuath an t-saoghail. Le sin tha mi a’ ciallachadh diofar seòrsaichean de mhathain, mathain dhubha, mathain dhonna agus gu dearbh mathain gheala às an Artaig. Tuilleadh air na beathaichean àlainn seo bha madaidhean-àllaidh, carabù, mùs, féadh, bàidhsean, agus iomadach beathaichean eile. Chaidh sinn an an tréana timcheall a’ zoo agus fhuair mi tòrr dealbhan brèagha de na beathaichean – an dealbh seo de mhathan dubh nam measg. Mholainn do dhuine sam bith ma bhios iad ann an Québec agus ma tha iad àite sam bith faisg air Tadoussac gun rachadh iad gu St. Félicien gus an zoo seo fhaicinn. Bha e direach mìobhailteach.
Is mise Richard Raw agus tha mi nam oileanach pàirt-ùine a’ dèanamh for-cheum ann an Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd bhon taigh agam. Bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 2001 agus 2005, far an do rinn mi ceum le urram ann an Gàidhlig is Iomall a’ Chuain Siar. Thòisich mi am for-cheum a tha mi a’ dèanamh an-dràsta air ais ann an 2006 agus bidh mi a’ ceumnachadh, tha mi ’n dòchas ann an 2009.
No comments:
Post a Comment