Seo an dara turas nam bheatha a bha mi ann an Canada , oir an turas mu dheireadh a bh’ agam san dùthaich bha mi nam oileanach aig Oilthigh Cheap Breatainn airson trì mìosan air a’ bhliadhna mu dheireadh agam san oilthigh. Sgrìobhaidh mi beagan mu dheidhinn a’ chiad turas fhathast. Bha an dara turas ged-tà direach airson tlachd. Bha trì seachdainean agam ann an Québec. Fhuair mi bus airson aon not gu Lunnainn bho Dhùn Èideann – nach mise tha math aig bargain a lorg – agus co-dhiù, chaidh mi air an itealan bho Gatwick gu Trudeau, Montréal. Bha mo charaid a’ faitheamh leam aig a’ phort adhair agus chaidh sinn dìreach gu Ste Hyacinthe (leth uair a thìde chun an taoibh an ear bho Montréal), far an robh mi airson a’ chiad seachdain le mo charaidean. Ged is e sgìre gu math dà chànanach a tha seo, bha glé bheag de dhaoine a’ bruidhinn Beurla. Tha an t-àite làn de dh’achaidhean mòra agus bha mi gu math deidheil air na marcaidean a bha a’ reic lusan agus meas ùr. Bha sinn a’ campadh a-muigh ann an ceann a tuath Québec airson cola-deug, agus ’s e saor-làithean air leth sònraichte a bh’ annta. Rinn sinn mòran ri chèile mar mharcachd anns na h-eich, agus a’ falbh air na kayakan ann an loch. Rinn sinn tòrr coiseachd suas anns na beanntan agus chaidh sinn gu làrach sònraichte airson beathaichean mòra Canàidianach. Chunnaic mi mathain dhubha anns an àrainneachd nàdarra aca fhèin cuideachd. ’S e fraingis a bha sinn a’ bruidhinn fad an t-siubhail agus aig an deireadh bha mi gu math comhfhurtail a’ chànan a bhruidhinn gu siubhalmhor. Thog mi tòrr dealbhan de na làithean saora sin agus cuiridh mi iad air an làraich seo nuair a tha àm gu leòr agam sin a dhèanamh.
Tuesday, 19 February 2008
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment